01 Tha an t-eadar-lìon an teis-mheadhan ar beatha an-diugh — gleus deatamach ann am foghlam, conaltradh, co-obrachadh, gnothachas, dibhearsan agus 'nar sòisealtas san fharsaingeachd.
06 Tha èifeachd an eadar-lìn mar ghoireas poblach a' crochadh air dè cho math 's a dh'obraicheas e le rudan eile (pròtacalan, fòrmatan dàta, susbaint), thionnsgnadh is com-pàirteachas air feadh an t-saoghail.
09 Thig iomadh buannachd an cois com-pàirteachais choimeirsealta ann an obair-leasachaidh an eadar-lìn; tha cothromachadh eadar prothaid choimeirsealta is buannachd dhan phoball riatanach.