Mozilla

Manifesto Mozilla

Ro-ràdh

Tha an t-eadar-lìon a’ sìor-fhàs nas cudromaiche ’nar beatha.

Tha pròiseact Mozilla 'na choimhearsnachd eadar-nàiseanta de dhaoine a tha dhen bheachd gu bheil slàinte an lìn a' crochadh air fosgailteachd, tionnsgnadh is cothroman. Tha sinn air a bhith a' co-obrachadh a-mach o 1998 gus dèanamh cinnteach gu bheil an t-eadar-lìon 'ga leasachadh air dòigh a bhios feumail dhan a h-uile duine. Am measg nan rudan a chruthaich sinn, 's e am brabhsair-lìn Firefox am fear as ainmeil gu ruige seo.

Tha pròiseact Mozilla ag obair leis a' choimhearsnachd gus sàr bhathar-bog le còd fosgailte a chruthachadh agus airson dòighean ùr a lorg gus co-obrachadh a dhèanamh. Cruthaichidh sinn coimhearsnachdan de dhaoine a tha iad uile ag obair airson piseach a chur air an eadar-lìon a chum leas chàich.

Ri linn ar saothrach, stèidhich sinn grunn phrionnsabalan a tha aig cridhe an eadar-lìn 'nar beachd-ne airson 's gum bi e an dà chuid a chum math nan daoine is math saoghal a' ghnothachais. Chithear na prionnsabalan seo gu h-ìosal.

Seo ar n-amasan a-rèir a' mhanifesto:

  1. dealbh a dhèanamh dhen lèirsinn dhan eadar-lìon a bu chòir do dh'Fhonndas Mozilla amas air a-rèir coimhearsnachd Mozilla;
  2. bruidhinn ri daoine ge be dè na sgilean teicnigeach a tha aca;
  3. com-pàirtichean Mozilla a dhèanamh pròiseil às na tha sinn a' dèanamh 's brosnachadh a thoirt dhaibh a leantainn orra leis an deagh-obair; agus
  4. ùrlar a thoirt do dhaoine eile air an leasaich iad an lèirsinn seo dhen eadar-lìon.

Chan ann às an adhar a thàinig na prionnsabalan seo. Tha feum air daoine gus an lìon a chumail fosgailte agus 'na àite far an urrainn dhan a h-uile duine pàirt a ghabhail - daoine a nì rudan air an ceann fhèin, feadhainn a cho-obraicheas ann am buidhnean no ceannardan. Tha Fonndas Mozilla an dealas ri brosnachadh nam prionnsabalan a tha ann am manifesto Mozilla. Tha sinn a' toirt cuireadh dhan a h-uile duine àite fiù nas fhearr a dhèanamh dhen eadar-lìon.

Na prionnsabalan

  1. Tha an t-eadar-lìon an teis-mheadhan ar beatha an-diugh — gleus deatamach ann am foghlam, conaltradh, co-obrachadh, gnothachas, dibhearsan agus 'nar sòisealtas san fharsaingeachd.
  2. Tha an t-eadar-lìon 'na ghoireas poblach eadar-nàiseanta agus feumaidh sinn a chumail fosgailte is gun bhacadh.
  3. Feumaidh an t-eadar-lìon beatha mac an duine a dhèanamh nas fhearr.
  4. Tha tèarainteachd is prìobhaideachd nan daoine riatanach agus cha bu chòir dhaibh a bhith an suarachas.
  5. Feumaidh comas a bhith ag daoine an t-eadar-lìon a dhealbhadh agus na nì iad air.
  6. Tha èifeachd an eadar-lìn mar ghoireas poblach a' crochadh air dè cho math 's a dh'obraicheas e le rudan eile (pròtacalan, fòrmatan dàta, susbaint), thionnsgnadh is com-pàirteachas air feadh an t-saoghail.
  7. Bathar-bog an-asgaidh 's fosgailte a bhrosnaicheas leasachadh an eadar-lìn mar ghoireas poblach.
  8. Tha dòighean-obrach fosgailte sa choimhearsnachd a' brosnachadh com-pàirteachais, cunntachalachd agus earbsa.
  9. Thig iomadh buannachd an cois com-pàirteachais choimeirsealta ann an obair-leasachaidh an eadar-lìn; tha cothromachadh eadar prothaid choimeirsealta is buannachd dhan phoball riatanach.
  10. Tha e 'na amas luachmhor - a tha airidh air saothair is dealas - buannachdan poblach an eadar-lìn a leudachadh

Adhartachadh manifesto Mozilla

Tha diofar dòighean ann air an gabh prionnsabalan manifesto Mozilla adhartachadh. Tha sinn a' cur fàilte air raon farsaing dhe ghnìomhachdan agus tha sinn an dùil gum faic sinn an aon spiorad cruthachail a tha air a bhith follaiseach ann an gnìomhachdan eile na h-iomairt. Mur eil cuideigin airson a bhith an sàs ann gu domhain, tha dòigh shimplidh èifeachdach ann gus taic a chumail ris a' mhanifesto - a' cur gu feum Firefox is bathar eile sa bheil prionnsabalan a' mhanifesto.

Geall Fonndas Mozilla

Tha Fonndas Mozilla a' cur air ceann-gèill taic a chumail ri manifesto Mozilla 'na shaothraichean. Gu sònraichte

  • cruthaichidh is cuidichidh sinn teicneolasan is coimhearsnachdan còd fosgailte a bheir taic iad fhèin do phrionnsabalan a' mhanifesto;
  • dealbhaidh 's lìbhrigidh sinn sàr-bhathar a ghèilleas ri prionnsabalan a' mhanifesto dhan luchd-chleachdaidh;
  • cleachdaidh sinn maoin Mozilla (seilbh inntleachdail mar chòraichean-lethbhreac is comharran-malairt, bun-structar, maoin is cliù) gus an t-eadar-lìon a chumail fosgailte;
  • brosnaichidh sinn modailean a chruthaicheas buannachdan eaconamach dhan phoball; agus
  • brosnaichidh sinn prionnsabalan manifesto Mozilla san t-saoghal agus am broinn gnìomhachas an eadar-lìn.

Tha cuid de ghnìomhachdan an fhonndais — cruthachadh, lìbhrigeadh is brosnachadh bathar luchd-cleachdaidh aig an àm seo — 'ga choileanadh slighe Corporaid Mozilla, an fho-chuideachd a tha gu tur ann an seilbh Fhonndas Mozilla.

Cuireadh

Tha Fonndas Mozilla a' toirt cuireadh do chàch (a bheir taic do phrionnsabalan manifesto Mozilla) pàirt a ghabhail ann gus dòighean ùra a lorg lèirsinn an eadar-lìn a thoirt am bith.