Tha sinn a' cruthachadh eadar-lìon nas fhearr

’S e am misean againn a th’ ann gun dèan sinn cinnteach gu bheil an t-eadar-lìon ’na ghoireas poblach uile-choitcheann a tha fosgailte agus as urrainn dhan a h-uile duine a ruigsinn. Seo eadar-lìon a chuireas am fìor-phrìomhachas air na daoine fhèin far an urrainn dhaibhsan an t-eòlas aca a ghnàthachadh agus far ann acasan a tha a’ chumhachd ’s far a bheil iad sàbhailte ’s neo-eisimeileach.

Tha Mozilla 'na choimhearsnachd eadar-nàiseanta de luchd-teicneolais, feallsanaichean is dealbhadairean a tha ag obair còmhla gus an lìon a chumail beò 's so-ruigsinneach airson 's gun urrainn do dhaoine air feadh an t-saoghail cur ris is a leasachadh. Tha sinn dhen bheachd gu bheil an co-obrachadh seo, stèidhichte air ùrlar fosgailte, air leth cudromach do dh'fhàs is slàinte ar sòisealtas.

Leugh am manifesto aig Mozilla airson barrachd fiosrachaidh air na prionnsabalan againn a tha 'gar stiùireadh 'nar n-obair.

Coimhead air a' video a dh'innseas dhut barrachd mu ar dèidhinn, cò às a thàinig sinn agus mar a leasaicheas sinn an lìon dhut.
  • Gabh pàirt ann

    Tha fàilte air saor-thoilich ann an diofar àitichean

  • Eachdraidh

    Cò às a thàinig sibh agus mar a rinn sinn fàs

  • Fòraman

    Tha na cuspairean a' gabhail a-steach taic, bathar is teicneolasan

  • Riaghlachas

    Ar structar, buidheann agus coimhearsnachd mhòr Mozilla