-
Gun dad dìomhair
Cleachd is co-roinn fiosrachadh air dòigh shoilleir agus a chum math a’ chleachdaiche.
-
Smachd a’ chleachdaiche
Leasaich bathar is brosnaich deagh-chleachdaidhean a bheir smachd air an cuid dàta ’s na nì iad air loidhne dhan luchd-chleachdaidh.
-
Dàta cuingichte
Cruinnich dìreach na tha feum air, gun urra gu na h-ìre as fhaide agus sguab às e nuair nach eil feum air tuilleadh.
-
Roghainnean ciallach
Dealbh cothromachadh rèidh eadar sàbhailteachd is cofhurtachd.
-
Dìon làidir
Dìon daingeann làidir air dòigh a ghabhas a dhearbhadh gu follaiseach.
Prionnsabalan prìobhaideachd an dàta
Tha na còig prionnsabalan a leanas stèidhichte air manifesto Mozilla agus ’gar stiùireadh is sinne:
- a’ leasachadh a’ bhathair is nan seirbheisean againn
- a’ cumail rian air an dàta a chruinnicheas sinn mun luchd-chleachdaidh againn
- a’ taghadh is a’ dèiligeadh ri com-pàirtichean
- a’ dealbhadh a’ phoileasaidh phoblaich is ar n-obrach brosnachaidh