Toiseach tòiseachaidh nas fhasa

Draoidh suidheachadh nan cunntasan

B’ fheudar dhut a bhith eòlach air na roghainnean IMAP, SMTP, SSL/TLS mus robh am feart seo ann. Cha leig thu leas ach dìreach d’ ainm, am post-dealain is am facal-faire agad agus bheir draoidh nan cunntasan sùil air an stòr-dàta againn ’s lorgaidh e na roghainnean ceart dhut.

Leabhar nan seòladh le briogadh a-mhàink

Chan eil feum ach air aon bhriogadh le leabhar nan seòladh ùr gus daoine a chur ris gu èasgaidh. Cha leig thu leas ach briogadh air an rionnag san teachdaireachd a fhuair thu. Ma bhriogas tu air dà thuras, bidh cothrom agad barrachd fiosrachaidh a chur ris, can dealbh, co-là breith no fiosrachadh eile.

Cuimhniche nan ceanglachan

Cumaidh cuimhniche nan ceanglachan sùil airson faclan mar ceanglachan no ceanglachain (agus faclan eile, can seòrsa de dh’fhaidhlichean) ann am bodhaig na teachdaireachd agad agus bheir e gu d’ aire ceanglachan a chur ris mus cuir thu an teachdaireachd.

Tabaichean is lorg

Tabaicheans

Ma tha thu dèidheil air a’ bhrabhsadh tabaichte ann am Firefox, còrdaidh am post-dealain tabaichte riut cuideachd. Le post-dealain tabaichte, ’s urrainn dhut teachdaireachdan a luchdadh ann an tabaichean eadar-dhealaichte gus an urrainn dhut leumadh eatarra gu èasgaidh. Can ma tha thu a’ dèanamh iomradh air teachdaireachd eile. ’S urrainn dhut iomadh teachdaireachd puist a chumail fosgailte leis a’ phost-dealain tabaichte.

Ma nì thu briogadh dùbailte no ma phutas tu Enter air teachdaireachd puist, thèid fhosgladh ann an taba ùr. Ma nì thu briogadh deis air pasgain no teachdaireachdan, thèid am fosgladh ann an taba sa chùlaibh.

Nuair a dh’fhàgas tu Thunderbird, thèid na tabaichean a tha agad ann a shàbhaladh ’s thèid an aiseag nuair a dh’fhosglas tu Thunderbird an ath thuras. Tha clàr-taice ùr ann airson nan tabaichean air bàr-innealan nan tabaichean cuideachd leis an urrainn dhut leumadh eadar na tabaichean.

Bàr-inneal a’ ghrad-chriathraidh

’S urrainn dhut am post agad a chriathradh nas luaithe le bàr-inneal a’ ghrad-chriathraidh. Cuir a-steach faclan ann am bogsa-luirg na grad-chriathraige agus chì thu na toraidhean sa bhad. No ’s urrainn dhut am post agad a chriathradh a-rèir theachdaireachdan ùra, thagaichean is daoine ann an leabhar nan seòladh agad. ’S urrainn dhut criathrag a "phrìneachadh" no a shàbhaladh cuideachd ’s a chleachdadh ann an iomadh pasgan.

Lorg

Tha inneal-luirg ùr aig Thunderbird 3.1 leis an urrainn dhut criathradh no lorg a-rèir ama gus am faigh thu am post a tha a dhìth ort. Tha Thunderbird 3.1 a’ clàr-amaiseadh am post gu lèir agad cuideachd agus gheibh thu greim air teachdaireachdan leis nas luaithe fhathast. Chì thu toraidhean an luirg agad ann an taba gus an urrainn dhut leumadh eadar na toraidhean agad ’s post eile gu èasgaidh.

Tasg-lann nan teachdaireachdan

Ma bhios tu sa bheachd gum bi feum agad air teachdairean latha eile ach mur eil thu ’ga iarraidh sa bhogsa a-steach agad, cuir san tasg-lann e seach a bhith a sguabadh às! Ma chuireas tu rudan san tasg-lann, cumaidh tu am bogsa a-steach agad glan sgiobalta ’s glèidhidh tu am post agad ann an siostam ùr de phasgain san tasg-lann.

Ma chleachdas tu putan na tasg-lainn no am putan ’A’, thèid am post agad a chur san tasg-lann.

Am manaidsear gnìomhachd

Clàraichidh am manaidsear gnìomhachd gach rud a thachras eadar Thunderbird is solaraiche a’ phuist agad san aon àite. Chan eil feum tuilleadh air tomhas. Cha leig thus leis ach sùil a thoirt air aon àite airson gach fiosrachadh mun phost agad.

Gnàthaich am post-dealain agad

Coltas ┐ stoidhle Thunderbird

Tha pearsachan ann, "craiceannan" aotram a dh’atharraicheas an coltas a tha air Thunderbird sa bhad. Tha na ceudan de chraiceannan ann ’s na h-ùrlaran aca stèidhichte air gach rud eadar na filmichean as ùire, seallaidhean ainmeil ’s tatùthan Seapanach. Tha roghadh is taghadh agad cuideachd eadar na ceudan de dh’ùrlaran a chuireas coltas eile air na h-ìomhaigheagan ann an Thunderbird.

Pasgain ghlice

Cuidichidh na pasgain ghlice ma tha thu airson smachd a chumail air iomadh cunntas puist ’s iad a’ co-aonadh nam pasgan sònraichte, leithid nam bogsaichean a-steach, pasgain a’ phuist chuirte no pasgan nan tasg-lannan. Cha bhi agad siubhal eadar na diofar bogsaichean a-steach agad, fear gach cunntas, ’s gach teachdaireachd a thig a-steach san aon phasgan agad.

Manaidsear nan tuilleadan

Lorg is stàlaich tuilleadan ann an Thunderbird fhèin. Cha bhi agad tadhal air làrach-lìn nan tuilleadan tuilleadh. Tòisich manaidsear nan tuilleadan agus sin agad e. Ann an dà inntinn dè an tuilleadan ceart dhut? Dèan an taghadh ceart ’s an rangachadh, na molaidhean, na tuairisgeulan ’s dealbhan nan tuilleadan beò ’gad chuideachadh.

Dìon am post-dealain agad

Prìobhaideachd threun

Tha Thunderbird a’ cur taic ri tèarainteachd an luchd-chleachdaidh ’s dìon cèin de dhealbhan. Cuiridh Thunderbird casg air dealbhan cèin ann an teachdaireachdan puist gu fèin-obrachail gus do phrìobhaideachd a dhìon.

Dìon an aghaidh fiasgaich

Tha Thunderbird ’gad dhìon o fhoill puist-dhealain, gleus a dh’fheuchas ri fiosrachadh pearsanta ’s dìomhair fhaighinn uat air car. Bheir e rabhadh dhut ma gheibh thu teachdaireachd a dh’fhaodadh a bhith ’na theachdaireachd fiasgaich. Agus mar dhìon a bharrachd, bheir Thunderbird rabhadh dhut ma bhriogas tu air ceangal ’s coltas gun giùlain an ceangal thu a dh’àite eile seach an làrach-lìn a tha an URL san teachdaireachd a’ cur ’nad shùilean.

rachadh fèin-obrachail

Thunderbird’s update system checks to see if you’re running the latest version, and notifies you when a security update is available. These security updates are small (usually 200KB - 700KB), giving you only what you need and making the security update quick to download and install. The automated update system provides updates for Thunderbird on Windows, OS X, and Linux in over 40 different languages.

A’ faighinn cuidhteas dhen truilleis

Cum air thoiseach air spama leis na h-innealan ùraichte, air a bheil fèill mhòr, aig Thunderbird. Thig gach post-dealain a gheibh thu tro na criathragan sàr-mhath aig Thunderbirg an aghaidh puist truilleis. Bidh Thunderbird "ag ionnsachadh" a h-uile turas a chomharraicheas tu teachdaireachd mar spama agus leis a-sin, fàsaidh an criathradh nas fhearr ’s gheibh thu nas lugha dhen phost nach robh a dhìth ort co-dhiù. ’S urrainn do Thunderbird criathragan spama solaraiche a’ phuist agad-sa a chleachdadh gus casg a chur air a’ phost truilleis mus ruig e am bogsa a-steach agad.

An còd fosgailte

Tha pròiseas leasachaidh aig cridhe Thunderbird a tha stèidhichte air còd fosgailte. Tha an còd seo ’ga shìor leasachadh leis na mìltean de leasaichearan is eòlaichean tèarainteachd dìoghrasach, eòlach, fiosrach air feadh an t-saoghail. Leis a’ choimhearsnachd fhosgailte ’s ghnìomhach seo, ’s urrainn dhuinn dèanamh cinnteach gum bi ar bathar nas tèarainte ’s gun dèid ùrachadh gu luath ach ’s ann aig an aon àm cothrom a ghabhail air na h-innealan luachaidh is sganaidh as fhearr o threas pàrtaidhean gus an tèarainteachd air fad a leasachadh.