Firefox

Brabhsadh a mhothaicheas dha d' àite

'S urrainn dha Firefox innse do làraichean-lìn càit a bheil thu airson 's gum faigh thu fiosrachadh a tha iomchaidh dhan àite far a bheil thu. Eadar-lìon nas glice, mar gum biodh – agus air dòigh a dhìonas do phrìobhaideachd fhathast. Siuthad, feuch e!

CÀBHA - Na Ceistean Àbhaisteach

Dè th' ann am brabhsadh a mhothaicheas dha m' àite?

Mas urrainn dha làrach-lìn mothachadh dhan àite far a bheil thu, faighnichidh i dhen bhrabhsair càit a bheil thu airson ùine a shàbhaladh dhut. Can gu bheil thu a' lorg taigh pizza 'nad sgìre. Ma tha fios aig làrach-lìn càit a bheil thu, cha leig thu leas ach am facal "pizza" a chur a-steach agus gheibh thu taighean pizza 'nad sgìre-sa... gun fheum air barrachd fiosrachaidh no taidhpidh.

No ma tha thu a' sireadh stiùireadh a dh'àite air choireigin, bidh fios aig an làrach-lìn càit a bheil thu a' tòiseachadh air do thuras agus cha leig thu leas ach innse dha càit a bheil thu a' dol.

'S e seirbheis gu tur roghainneil a tha seo – cha nochd Firefox d' ionad gun chead uat – agus bidh sinn fhathast a' làn-dìon do phrìobhaideachd. Agus, mar a tha e le co-phàirt sam bith de Firefox, tha sinn 'ga chruthachadh stèidhichte air stannardan fosgailte airson 's gum bi e furasta do luchd-leasachaidh an eadar-lìn a chur gu feum.

Ciamar a dh'obraicheas e?

Ma thadhlas tu air làrach-lìn as urrainn dha mothachadh dha d' ionad, faighnichidh Firefox a bheil thu airson d' ionad a nochdadh ris.

Ma dh'aontaicheas tu ris, cruinnichidh Firefox fiosrachadh a thaobh nam puingean inntrigidh uèirleas a tha faisg ort agus seòladh IP a' choimpiutair agad. Cuiridh Firefox am fiosrachadh seo do sholaraiche bunaiteach na seirbheise geò-lorgaidh, Google Location Services, airson tuairmeas fhaighinn air d' ionad. Agus thèid an tuairmeas seo a nochdadh ris an làrach-lìn a dh'iarr d' ionad an uairsin.

Ma dhiùltas tu seo, cha dèan Firefox dad.

Dè cho pongail 's a tha na h-ionadan seo?

Tha a' phongalachd a' crochadh air an àite far a bheil thu. Ann an cuid a dh'àitichean bidh seo gu math pongail, beagan mheatairean air falbh uat. Ach cha bhi e cho pongail ann an àitichean eile. Chan eil sna h-ionadan uile ach tuairmeasan a thug solaraiche na seirbheise dhuinn agus chan urrainn dhuinn barantas a thoirt gum bi iad seo buileach ceart. Cha bu chòir dhut am fiosrachadh seo a chleachdadh ann an èiginn - bidh toinisgeil d' a thaobh an-còmhnaidh.

Dè am fiosrachadh a tha 'ga chur 's cò thuige? Ciamar a tha sibh a' dìon mo phrìobhaideachd?

Tha do phrìobhaideachd air leth cudromach dhuinn agus cha nochd Firefox d' ionad idir gun aonta uat. Ma thadhlas tu air duilleag a tha ag iarraidh fiosrachadh uat, faighnichidh sinn dhìot mus dèid dad a nochdadh ris an làrach-lìn a dh'iarr e agus ris an t-solaraiche treas-phàrtaidh againn.

Cleachdaidh Firefox Google Location Services a ghnàth airson tuairmeas a dhèanamh air d' ionad is e a' cur:

  • seòladh IP a' choimpiutair agad,
  • fiosrachadh mu na puingean inntrigidh uèirleas faisg ort agus
  • aithnichear cliaint air thuaiream a thèid iomruineadh le Google agus a dh'fhalbhas an ùine air gach cola-deug.

Airson tuairisgeul mionaideach air an fhiosrachadh a chruinnicheas is a chleachdas Firefox, thoir sùil air sanas prìobhaideachd Firefox.

Bheir Google Location Services dhuinn tuairmeas air an àite far a bheil thu ('s e sin an domhan-leud agus an domhan-fhad). Airson tuairisgeul mionaideach air an fhiosrachadh a chruinnicheas is a chleachdas Google, thoir sùil air poileasaidh prìobhaideachd Google a thaobh geò-lorgaidh.

Thèid am fiosrachadh seo a chur air ceangal crioptaichte gus do phrìobhaideachd a dhìon. Turas a gheibh Firefox am fiosrachadh mu d' ionad, sìnidh e seo air adhart dhan làrach-lìn a dh'iarr e. Cha dèid ainm no ionad na làraich-lìn air a bheil thu a' tadhal no briosgaid sam bith a' nochdadh dha Google Location Services idir aig àm sam bith.

Cha chleachd Mozilla no Google am fiosrachadh a chruinnicheas Google Location Services gu sìorraidh bràth gus d' aithneachadh gu pearsanta no airson brathadh ort.

A thaobh na nì an làrach-lìn fhèin leis an fhiosrachadh mu d' ionad, bu chòir dhut sùil a thoirt air poileasaidh prìobhaideachd na làraich fhèin.

Airson barrachd fiosrachaidh mu do phrìobhaideachd, bu chòir dhut sùil a thoirt air na leanas cuideachd:

A bheilear 'gam thracadh is mi a' siubhal an lìn?

Chan eil. Chan iarr Firefox ionad ach ma dh'iarras làrach-lìn e agus cha nochd e d' ionad mur an doir thusa cead dha Firefox a nochdadh. Cha dèan Firefox tracadh ort is cha chuimhnich e d' ionad is tu a' siubhal an lìn.

Ciamar a bheir mi air falbh cead o làrach a thug mi cead dha roimhe?

Ma thug thu cead dha Firefox d' ionad a nochdadh do làrach uair sam bith 's ma chuireas tu romhad a chaochladh an uairsin, tha e furasta an cead a thug thu a thoirt air falbh. Seo mar a nì thu sin:

  • Tadhail air an làrach a thug thu cead dha roimhe
  • Fosgail clàr-taice nan Innealan is tagh Fiosrachadh na duilleige
  • Tagh taba nan Ceadan
  • Atharraich an roghainn Co-roinn an t-ionad

Ciamar a chuireas mi dheth am brabhsadh a mhothaicheas dha m' ionad gu buan?

Cha bhi brabhsadh a mhothaicheas ri d' àite air o thùs idir. Cha dèid fiosrachadh mu d' àite a chur a-null gun do chead idir. Ma tha thu airson am feart seo a chur dheth gu tur, dèan nan leanas:

  • Cuir na leanas ann am bàr an URL:about:config
  • Cuir a-steach geo.enabled
  • Dèan briogadh dùbailte air an roghainn geo.enabled
  • Tha brabhsadh a mhothaicheas dha d' àite dheth a-nis

Ciamar a chuireas mi taic do gheò-lorgadh ris an làrach-lìn agam?

’S urrainn dhut taic do gheò-lorgadh a chur am broinn na seirbheise agad ’s tu a’ leantainn an stiùiridh air Mozilla Developer Center.