Tha smuaint choitcheann am broinn gach pròiseact aig Mozilla agus sin ar creideamh gum bu chòir dhan eadar-lìon, an leasachadh sòisealta is teicneolach as cudromaiche 'nar linn, a bhith 'na ghoireas poblach a dh'fheumas a bhith fosgailte is so-ruigsinneach dhan a h-uile duine. Leis a sin 'nar n-amharc, 's e brosnachadh roghainn, ùr-ghnàthachadh is cothroman air loidhne a tha fa-near dhuinn 'nar saothair aig a' cheann thall.
Gus na h-amasan seo a thoirt gu buil, tha sinn a' cleachdadh pròiseas a tha glè shoilleir is glè cho-obrachail a tha a' toirt cruinn nam mìltean de shaor-thoilich dhìleas air feadh an t-saoghail le cuideachadh on sgioba bheag de luchd-fastaidh againn a stiùireas cruthachadh de bhathar mar am brabhsair-lìn Firefox. Tha Corporras Mhozilla a' cur taic ris a' phròiseas seo, corporras a tha an seilbh gu tur aig Fonndas Mhozilla nach eil a chum prothaide.
'S e aon amas a-mhàin a tha aig coimhearsnachd, eagrachas is teicneolas Mhozilla aig a' cheann thall: a' cur piseach air an eadar-lìon airson a h-uile duine.
